musicas.mus.br

Letras de músicas - letra de música - letra da música - letras e cifras - letras traduzidas - letra traduzida - lyrics - paroles - lyric - canciones - NA STOCAINEAN - MAIRI MACINNES - música e letra

Utilize o abecedário abaixo para abrir as páginas de letras dos artistas

A B C D E F G H I J K L M N O P Q R S T U V W X Y Z

Na Stocainean letra


Tha h-uile te dhe'm stocainnean
'S a nochd a feum an caradh
Tha h-uile te dhe'm stocainnean
'S a nisd air fas cho fosgailte
'S cha mhor nach rachainn rompha
Mur bu socraiche mo nadur
Tha h-uile te dhe'm stocainnean
'S a nochd a feum an caradh

'S an te nach'eil an taobh aiste
Tha pios a dhith a chuil aice
'S na h-ordagan's na ludagan
'S gun lub dhuibh air na sailean
Tha h-uile te dhe'm stocainnean
'S a nochd a feum an caradh

'S tha h-ile te is toll oirra
'S gur buileach dh'fhalbh an ceann aca
Cha robh iad riamh cho gann agam
'S e th'ann ach culaibh naire
Tha h-uile te dhe'm stocainnean
'S a nochd a feum an caradh

'S gum bith gach aon a cantainn rium
Nach b'fhiach a chaidh an dath th'orra
Bu choma leam na maireadh iad
Ged bhiodh an dath bu ghrainnd' oirr'
Tha h-uile te dhe'm stocainnean
'S a nochd a feum an caradh

Ma thacras duin' bhith comhla rium
Cha chuir mi dhiom na brogan
Mar tha h-uile te 'san t-sron aisde
'S gun toir iad dhomhsa naire
Tha h-uile te dhe'm stocainnean
'S a nochd a feum an caradh

'S ma thacras duin' bhith faisg orm
Gur saoileam gur th' ann breac a tha 'd
'S gun toir iad greis air beachdachadh
'S mo chraicinn-sa ro phairt duibh
Tha h-uile te dhe'm stocainnean
'S a nochd a feum an caradh

'S mo bheannachds' aig na nigheanagan
A charadh pairt de dhion dhiubh
'S a bheireadh pairt de dhion dhiubh
S a chiall nach robh mi lamh riuth
Tha h-uile te dhe'm stocainnean
'S a nochd a feum an caradh

'S ged nach biodh inc is peann agam
Cha choimeadainn co-mheud toll a th'orr'
Cha mhor nach'eil mi caingeis
Gu de'n ceann a bhios gu h-ard dhiubh
Tha h-uile te dhe'm stocainnean
'S a nochd a feum an caradh

Tha h-uile te dhe'm stocainnean
'S a nisd air fas cho fosgailte
'S cha mhor nach rachainn rompha
Mur bu socraiche mo nadur
Tha h-uile te dhe'm stocainnean
'S a nochd a feum an caradh

Mairi MacInnes - Letras

top 30 músicas

©2003 - 2024 - musicas.mus.br