musicas.mus.br

Letras de músicas - letra de música - letra da música - letras e cifras - letras traduzidas - letra traduzida - lyrics - paroles - lyric - canciones - DANNSAIDH GIOMACH RI CRUBAG - MAIRI MACINNES - música e letra

Utilize o abecedário abaixo para abrir as páginas de letras dos artistas

A B C D E F G H I J K L M N O P Q R S T U V W X Y Z

Dannsaidh Giomach Ri Crubag letra


Ruighleadh giomach ri crubaig
Agus crubag ris a ghiomach
Gun dannsadh giomach ri crubag
'S gun ruighleadh iad ri grunnd na mara

Ruighleadh giomach ri crubaig
Agus crubag ris a ghiomach
Gun dannsadh crubag ri crubag
'S gun seatadh an giomach carach

Ruighleamaid is dannsamaid
'S gu seatamaid 's gum biomaid math air
Ruighleamaid le iongnan grinn
Ri guth ro bhinn na maighdean mhara
Dannsamaid is ruighleamaid
Is seataidh sinn gun toir sinn fairis
Ars' an giomach ris a' chrubaig
'S iad a' danns' air grunnd na mara

"Ah," ars' an giomach ris an fhidhleir
Crosgag a bha glan agus binn air
Tha bhogha 's na teudan a' sgiamhail
'S a' sgreuchail mar bheathach allaidh

'S thionndaidh a' chrubag ris an drumair
Ochd chasach a bha cumail buille
"Cha chum mo chasan riut tuilleadh
Chan urrain dhomh aon cheum nas fhaide"

Cha sgaoth de sgadan anns a' choisir
Agus rionnach a' seinn comhla
Bha trosgag is adag is ron ann
A' cumail fonn air grunnd na mara

Mairi MacInnes - Letras

top 30 músicas

©2003 - 2024 - musicas.mus.br